Sgoil an Rubha's Iolaire play secured the Community, Heritage and Tourism Award last night (Tuesday 19 November) at the Scottish Gaelic Awards.

Held at the Mariott Hotel in Glasgow, Sgoil An Rubha pupils performed their play, An Oidhche Mus Do Sheoil I

The play was part of the Iolaire project to highlight the impact of the tragedy on the Point district.

The play was written by Coumcillor Alasdair Macleod and produced and directed by Marisa MacDonald with huge input from members of the Point community.

The 50 servicemen were played by 50 pupils from Sgoil An Rubha and each pupil was assigned the name of a serviceman as they came on stage in the opening scene, speaking their names, ages and the village they were from.

The full story of the Iolaire was performed on stage by the pupils from the time the ship left Kyle of Lochalsh until it ran aground on the Beasts of Holm on that fateful New Year’s morning 1919.

39 pupils left the stage dressed in black t-shirts and 11 were in white t-shirts to depict those who perished and those who survived. The pupils left the stage to the singing of Psalm 23 in Gaelic.

Councillor Alasdair Macleod, said: “This was a truly memorable community event depicting the grim reality of the Iolaire from a Point perspective. It was wonderful to see the community pulling together to support the project in a variety of ways but the key players were the pupil, teachers, ancillary staff and parents from Sgoil An Rubha.”

Aig tachartas Duaisean Gàidhlig na h-Alba a-raoir, Dimairt 19 Samhain, ann an Taigh-òsta Marriott an Glaschu, choisinn Dealbh-chluich Sgoil an Rubha an Duais airson Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd.

Chaidh dealbh-chluich mun Iolaire “An Oidhche mus do sheòl i” a thaisbeanadh le sgoilearan à Sgoil an Rubha mar phàirt den phròiseact aca ann a bhith a’ coimhead ri buaidh Call an Iolaire air sgìre an Rubha ann an Eilean Leòdhais. `S e an Comhairliche Alasdair Macleòid a sgrìobh an dealbh-chluich agus chaidh a riochdachadh agus a stiùireadh le Marisa Dhòmhnallach, le taic mhòr bho mhuinntir na sgìre. Bha 50 seòladair às an Rubha air bòrd an Iolaire air an oidhche dhoirbh ud agus cha tàinig aiste beò ach 11. Aig fosgladh na dealbh-chluiche bha 50 sgoilear a riochdachadh gach seòladair bhon sgìre, gach sgoilear ag ainmeachadh aon sheòladair, an aois a bha iad, agus am baile dom buineadh iad, mar a bha iad a’ tighinn chun stèidse.

Bho dh’fhàg i Caol Loch Aillse gus na an tug i brag air Biastan Thuilm, thaisbean na sgoilearan sgeulachd uamhasach an Iolaire mar a thachair air Oidhche na Bliadhn’ Ùire 1919. Bha 39 sgoilear ann an lèintean-t dhubha agus 11 ann an lèintean-t gheala a comharrachadh an fheadhainn a chaill am beatha agus an fheadhainn a thàinig às beò. Dh’fhàg na sgoilearan an stèidse a’ seinn Salm 23 sa Ghàidhlig.

Thuirt An Comh. Alasdair Macleòid: “`S e tachartas iongantach coimhearsnachd a bha seo, a’ tarraing air uamhas an Iolaire bho shealladh Sgìre an Rubha. Bha e sònraichte a bhith a’ faicinn a’ choimhearsnachd a’ tighinn ri chèile a’ cumail taice ris a’ phròiseact ann an iomadh dòigh, ach `s iad na sgoilearan, an luchd-teagaisg, luchd-obrach na sgoile agus pàrantan Sgoil an Rubha a thug am pròiseact seo gu buil.”