Chaidh Ionad Ùr-Ghnàthachas aig Colaiste a’ Chaisteal UHI a stèidheachadh airson cuideachadh a thoirt do dhaoine a tha airson a bhith nan innleachdairean neo luchd-gnìomhachas, agus airson na smuaintean aca a thoirt gu buil mar rud a dh’fhaodas a bhith air a reic – agus chithear a h-uile càil a tha sin anns na h-oileanaich a tha a’ cleachdadh na goireasan aca airson eadar-dhealachadh a dhèanamh anns an t-saoghal.

Gu h-àraidh Alick MacGilleEathain – oileanach innleadaireachd 40 bliadhna a dh’aois à Ranais, anns na Lochan, a bhuannaich dà dhuais aig Co-Fharpais Gnothachas Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean na bu tràithe am mios seo ann an Inbhir-Nis.

Tha Colaisde a’ Chaisteil UHI air cùrsa ùr air-loidhne do luchd-ionnsachaidh ullachadh.  Tha riochd air-loidhne na cùrsa a’ ciallachadh gu bheil e comasach do dh’oileanaich an cùrsa a’ leantainn ge bith càite bheil iad stèidhichte, aig an astar aca fhèin agus nan ùine fhèin.

Thuirt Sheila NicIllinnein, Iar-Cheannard; “Tha a’ cholaiste air leth toilichte ionnsachadh na Gàidhlig fhosgladh a-mach do dhaoine.  Seach gu bheil an cùrsa seo air-loidhne, bidh e gu sònraichte feumail dhaibhsan a tha airson Gàidhlig ionnsachadh ach a tha a’ faireachdainn nach eil gu leòr ùine aca sin a dhèanamh”