A Lewis actor and singer will be directing the 2019 Gaelic Drama Summer School on Skye.

Mairi Morrison, who now lives in Glasgow, wrote and performed in the Gaelic drama 'Bana-ghaisgich/ Heroines' produced by Theatre Gu Leòr which featured as part of the Iolaire Centenary Commemorations. Mairi is also known for her role in BBC Alba's 'Bannan.'

Mairi will be returning to the School as artistic director for the second year.  

The School will take place in Portree, Isle of Skye, between Monday 8 and Saturday 20 July.  

Gaelic-speaking teenagers aged between 13 and 17 at the time of the School are welcome to apply before the Friday 21 June deadline. The online application form can be found along with more information at www.feisean.org/ssd. No previous drama or acting experience is necessary to participate.

Angus Macleod, Fèisean nan Gàidheal's Drama Officer and organiser of the residential school, said "Applicants have the option to sign up for the first 6 or the full 12 days. During the 6 day option all participants are introduced to a variety of acting and performance skills-based workshops and on the Saturday have an opportunity to produce a short film for FilmG, MG Alba's short film competition.

"The 12 day option gives participants the opportunity to further develop and then showcase the work they have produced on the final night.

"The School provides a springboard for teenagers interested in developing acting skills for both stage and screen, and a fantastic opportunity to gain confidence in their spoken Gaelic."

Financial support covering up to 50% of the School fee is available to eligible participants thanks to funding from the Simon Mackenzie Trust, which is administered by Fèisean nan Gàidheal. The trust was established in 2008 in memory of the celebrated Gaelic actor Simon Mackenzie to foster the artistic talents of young Gaels.

The Gaelic Drama Summer School is funded by Bòrd na Gàidhlig, Highlands and Islands Enterprise, Creative Scotland and the Highland Council.

Ceann-latha Iarrtasan na Sgoile Samhraidh Dràma
https://www.feisean.org/blog/2019/06/06/ceann-latha-iarrtasan-na-sgoile-samhraidh-drama/
Thèid Sgoil Shamhraidh Dràma na bliadhna-sa a chumail ann am Port Rìgh, eadar Diluain 8 agus Disathairne 20 den Iuchar 2019. Thèid fàilte a chur air iarrtasan bho dheugairean le Gàidhlig a bhios eadar 13 agus 17 aig àm na Sgoile ro Dhihaoine 21 den Ògmhios. Lorgar an fhoirm-iarrtais air loidhne agus tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail anns an sgoil-chòmnaidh.

'S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, a tha ga cuir air dòigh, thuirt e "Tha roghainn aig tagraichean cuir a-steach airson àite mhàireas 6 làithean no 12 latha. Rè a' chiad seachdain gheibh a h-uile com-pàirtiche cothrom eòlas a chur air sgilean chleasachd 's dràma eadar-dhealaichte agus air Disathairne cothrom film goirid a riochdachadh airson FilmG, com-fharpais nam filmaichean goirid aig MG Alba. Gheibh com-pàirtichean a bhios clàraichte airson 12 latha cothrom an obair aca a leasachadh 's taisbeanadh air an oidhche mu dheireadh. Tha an Sgoil a' toirt brosnachadh do dheugairean le ùidh ann a bhith leasachadh sgilean cleasachd son an àrd-urlair agus film, agus 's e cothrom air leth a th'ann gus na sgilean labhairt aca sa Ghàidhlig a mhisneachadh."

Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gum bi Mairi Mhoireasdan a' tilleadh mar stiùiriche ealain na Sgoile son an dàrna bliadhna. Tha Mairi, a bhoinneas do Leòdhas ach a' fuireach ann an Glaschu a-nis, air cliù a chosnadh dhì fhèin mar chleasaiche agus seinneadair. Tha Mairi aithnichte mar chleasaiche ann am 'Bannan' air BBC Alba agus aig deireadh a' bhliadhna sa chaidh sgrìobh agus bha i a' cleasachd san dràma Gàidhlig 'Bana-ghaisgich' a chaidh a riochdachadh le Theatre Gu Leòr agus a nochd mar phàirt de Chuirmean Cuimhneachaidh na h-Iolaire.

Tha taic-airgid ri fhaotainn do theaghlaichean a phàigheas airson suas ri 50% de chosgaisean na Sgoile. Tha an taic-airgid seo ri fhaotainn do chom-pàirtichean iomchaidh tro Urras Shìm MhicCoinnich. Chaidh an Urras, a tha fo rian Fhèisean nan Gàidheal, a chur air bhonn ann an 2008 mar chuimhneachan air a' chleasaiche iomraiteach gus na sgilean ealaineach aig Gàidheil òga a bhrosnachadh.

Ma tha ceistean agaibh mun Sgoil Shamhraidh Dràma nach cuir sibh fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it. no fòn thuige air 01463 225 559.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.