Contact us on 01851 705743 or
email info@welovestornoway.com

There are job vacancies for Gaelic speakers currently available in the Western Isles.

Comhairle nan Eilean Siar is working closely with Comunn nam Pàrant and job adverts have been issued for an Early Years Officer based in the Western Isles and a Manager.

Maggie Wentworth, National Director of Comunn nam Pàrant, said: “The 0-3 age group is a priority for us and vitally important in the development of Gaelic Medium Education, but also in relation to Gaelic in the home and in the community. This project is to encourage new parents to register their children for GME and support the children to develop their Gaelic language skills at the earliest possible stage. Comunn nam Pàrant is very pleased to have the opportunity to support families at this early stage and we look forward to partnership working with Comhairle nan Eilean Siar.”

Evelyn Coull Macleod, Gaelic Education Manager at Comahirle nan Eilean Siar, said: “The Comhairle warmly welcomes these new posts. The Early Years is a priority area for us and we very much want to support parents who are considering GME for their own child. We would anticipate that the successful candidates would work closely with the Comhairle in order to meet our targets. Effective collaboration in this sector is vitally important for us all.”

Dreuchdan Gàidhlig sna h-Eileanan 

Tha a’ Chomhairle gu mòr airson a bhith ag obair ann an com-pàirteachas dlùth ri Comunn nam Pàrant agus tha sanasan air a dhol a-mach airson Oifigear anns na h-Eileanan a thaobh nan Tràth Bhliadhnaichean stèidhichte 's na h-Eileanan agus cuideachd Manaidsear a bhios os cionn grunn àitean 

Thuirt Magaidh Wentworth, Stiùiriche Nàiseanta Comunn nam Pàrant: “Tha na h-aoisean 0-3 nam prìomhachais agus gu math cudromach a thaobh fàs ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach cuideachd a thaobh Gàidhlig anns an dachaigh agus a’ choimhearsnachd. Tha am pròiseact seo airson brosnachadh a thoirt do phàrantan ùra gus an cuid cloinne a chlàradh ann an FMG, agus cuideachadh a thoirt dhan chloinn an comasan cànan is ionnsachadh Gàidhlig a thòiseachadh cho tràth ’s a ghabhas. Tha Comann nam Pàrant air leth toilichte gu bheil sinn a’ faighinn cothruim taic a chumail ri teaghlaichean aig an ìre thràth seo agus a’ coimhead air adhart ri obrachadh ann an com-pàirteachas le sgioba aig Comhairle nan Eilean Siar.” 

Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Manaidsear Foghlam Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar: “Tha Comhairle nan Eilean Siar a cur fàilte mhòr air na dreuchdan ùra seo.  Tha na tràth bhliadhnaichean nam prìomhachas dhuinn agus tha sinn gu mòr airson taic a chumail ri pàrantan a tha a' beachdachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson an cuid chloinne. Bhiodh sinn a sùileachadh gum biodh an tagraiche a shoirbhicheadh ag obair gu dlùth leis a' Chomhairle ann a bhith a' coileanadh na h-amasan againn.  Tha com-pàirteachas èifeachdach anns an roinn seo air leth cudromach dhuinn uile.”