Contact us on 01851 705743 or
email info@welovestornoway.com

The Scottish Government has released a new funding programme, entitled “Community Led Local Development” (CLLD), with the aim of supporting remote communities.

CLLD will build on the aims of the LEADER Programme, which ended when the UK left the European Union. 

The Outer Hebrides Local Action Group (LAG) was awarded £255,806 for community developments.

The LAG – consisting of representatives of community organisations, businesses and the Third Sector – has developed a Community-Led Vision for the financial year 2022-23.

Five priorities were identified, and of these, two funds will be made available.

Design Grant launched

The first funding opportunity, a Design Grant – for which £100,000 has been set aside – was launched on Friday 18 November. The fund will support community groups and charitable organisations across the islands with professional costs to enable them to take capital projects they are planning to a stage where construction or manufacture can commence.

Research showed that a number of groups currently find themselves in a situation where they are unable to attract capital funding, as their design plans are not sufficiently finalised – and this grant is aimed to assist with this aspect.

Funding may also be accessed by qualifying groups wishing to build capacity through cooperation, developing networks or mentoring.

Applications must be submitted by midday on Monday 5 December 2022 at the latest.

Reducing Energy & Emissions Grant

A further funding opportunity, which is intended to reduce carbon emissions and fuel costs, will be announced shortly. Businesses and community groups will be able to apply for a 50% grant towards the cost of installing an “EcoPro Electrolyser” in a vehicle or vessel.

Finlay Macdonald, who installed the technology on his fishing vessel recently, with support from Business Gateway, said:

“We have been using the Ecomotus EcoPro system for one month now and the signs are really encouraging.

"We are using less fuel and have reduced our carbon emissions significantly. This is a win-win situation for us. Not only are we improving profitability, but we are also reducing our business’s carbon footprint at source.”

Further information about the CLLD programme and funding opportunities can be found on the Outer Hebrides CLLD website – https://cne-siar.gov.uk/business/economic-development-and-business-support/outer-hebrides-community-led-local/ – or by emailing This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

The installed system

Leasachadh Ionadail fo Stiùir na Coimhearsnachd - CLLD

Tha Riaghaltas na h-Alba air prògram maoineachaidh ùr a stèidheachadh airson taic a chumail ri coimhearsnachdan ann an sgìrean iomallach fon ainm “Community Led Local Development” (CLLD) – Leasachadh Ionadail fo Stiùir na Coimhearsnachd. Bidh CLLD a’ togail air amasan prògram LEADER, a thàinig gu crìch nuair a dh’fhàg an RA an t-Aonadh Eòrpach. 

Fhuair Buidheann-gnìomh Ionadail (LAG) nan Eilean Siar earrann de £255,806 airson leasachaidhean coimhearsnachd. Tha am buidheann, a tha air a dhèanamh an àirde de riochdairean bho bhuidhnean coimhearsnachd, gnìomhachasan agus an Treas Roinn, air Lèirsinn ullachadh airson na bliadhna ionmhais 2022-23. Chaidh còig prìomhachasan a shònrachadh agus bidh dà mhaoin rin tabhann mar phàirt dhiubh.

Maoin Dealbhachaidh ga cur air bhog

Chaidh a’ chiad chothrom maoineachaidh, Maoin Dealbhachaidh, fhoillseachach air Dihaoine 18mh an t-Samhain. Chaidh £100,000 a chur mu choinneamh na maoine seo agus thathar ag amas air taic a chumail ri buidhnean coimhearsnachd is carthannais thairis air na h-Eileanan gus taic proifeiseanta fhaighinn a leigeas leotha pròiseact calpa a tha fa-near dhaibh, a thoirt gu ìre far an urrainn do dh’obair togail no saothrachaidh a thòiseachadh.

Sheall rannsachadh gu bheil tòrr bhuidhnean an-dràsta ann an suidheachadh far nach tèid aca ri maoineachadh calpa a chosnadh on nach eil na planaichean dealbhachaidh aca aig an ìre a dh’fheumas, agus tha am maoin seo airson an cuideachadh a thighinn chun na h-ìre sin.

Gabhaidh am maoineachadh cuideachd a chleachdadh airson comasan buidhinn a leudachadh, m.e. tro cho-obrachadh, leasachadh lìonraidhean no meantoradh.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro mheadhan-latha air Diluain 5mh an Dùbhlachd 2022.

Maoin Lùghdachadh Connaidh & Carboin a’ fosgladh a dh’aithghearr

Thèid maoin eile, a bhios ag amas air cleachdadh carboin agus cosgaisean connaidh a lùghdachadh, a sgaoileadh a dh’aithghearr. Bidh cothrom aig gnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd a chur a-steach airson 50% den chosgais airson teicneòlas EcoPro Electrolyser a chur an sàs ann an carbad no soitheach aca.

Thuirt Fionnlagh Dòmhnallach, a fhuair an teicneòlas airson bàta-iasgaich le taic bho Business Gateway:

“Tha siostam Ecomotus EcoPro air a bhith againn airson mìos a-nis agus tha comharran gu math gealltanach ann. Chan eil sinn a’ losgadh an uidhir de chonadh a chleachd agus tha eimisean carboin againn air lùghdachadh gu mòr. ’S e buannachd mhòr a th’ ann dhuinn: chan ann a-mhàin gu bheil sinn a’ faighinn prothaid nas fheàrr, ach tha sinn cuideachd a’ lùghdachadh lorg carboin a’ ghnìomhachais againn aig tùs.”

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu phrògram CLLD agus na cothroman-maoineachaidh air làrach-lìn CLLD Innse Gall – https://cne-siar.gov.uk/business/economic-development-and-business-support/outer-hebrides-community-led-local/ – no tro bhith a’ cur fios gu This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it..