Tiotal an dreuchd: Ceannard Margaidheachd

Fo smachd: Àrd-oifigear An Lanntair (CEO)
Uairean obrach: Trì làithean san t-seachdain (21 uair a thìde)
Tuarastal: £26,142 a-rèir trì làithean san t-seachdain
Àrainn: An Lanntair, Steòrnabhagh
Cùmhnant: Làn-ùine

Ro-ràdh

’S e cothrom air leth tha seo do neach-margaidheachd a tha cruthachail, fèin-bhrosnachail agus dìcheallach, le eòlas dearbhte ann an roinn nan ealain, a thighinn a dh’obair mar phàirt de sgioba An Lanntair nan Ceannard Margaidheachd.

Mu dheidhinn An Lanntair

’S e ionad ealain a th’ anns An Lanntair a tha a’ lìbhrigeadh ealain ann an iomadh cruth, ach aig a’ cheart àm ’s e gailearaidh airson ealain an latha an-diugh a th’ ann, taigh-deilbh, taigh-cluiche agus àrd-ùrlar dha ceòl, bàrdachd agus litreachas a th’ ann. Tha gach oisean air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus ealain a thaisbeanadh ann an iomadh dòigh. Tha sinn gu h-àraid moiteil às an t-sàr-phrògram againn a tha inntinneach dha ar èisteachd agus a tha a’ dèanamh soilleireachadh dhuinn uile.

Tha ar obair ga dèanamh air feadh na dùthcha agus gu dearbh ann an iomadh dùthaich, ach ’s e tha sònraichte mu ar deidhinn ’s e ar oighreachd is ar dualchas, agus am prìomhachas a tha sinn a’ cur air ar àrainn is ar cultar fhèin agus le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòighean cruthachail. Tha talla-cluiche againn le 220 suidheachan, cuide ri gailearaidh, oifis mhòr, bùth, taigh-seinnse agus taigh-bìdh. B’ e aon de na leasachaidhean-ealain as motha a thachair air a’ Ghaidhealtachd a-riamh a bh’ ann nuair a thogadh ar ionad agus tha e cudromach aig ìre nàiseanta airson cultar is ealain nan Eilean Siar.

Airson barrachd fiosrachaidh, thèidibh gu: http://lanntair.com/

Mu dheidhinn an dreuchd

Tha an Ceannard Margaidheachd aig teis-mheadhan a h-uile rud tha sinn a’ dèanamh aig an ionad-ealain a Steòrnabhagh air Eilean Leòdhais. ’S e dreuchd gu math cudromach a th’ ann airson cùisean a chumail a’ dol gu siùbhlach san ionad, agus dreuchd a bhiodh freagarrach do neach a tha cruthachail, le eòlas dearbhte air thaobh margaidheachd, tuigse farsaing air cànan is cultar na Gàidhlig, ùidh anns na h-ealainean agus, gu sònraichte, sgilean eadar-phearsanta agus rianachail air leth.

Tha e doirbh a mhìneachadh gu h-aithghearrach cò ris a tha latha àbhaisteach coltach san dreuchd seo. Tha gach lath cho eadar-dhealaichte bho chèile. Dh’fhaodadh gum bi thu a’ stiùireadh prògram rannsachaidh cuide ri luchd-ealain agus luchd-èisteachd, a’ cruinneachadh fiorachadh gus ar èisteachd a leudachadh. An ath latha, dh’fhaodadh gum bi thu ag obair còmhla-ri deilbhichean air ar leabhran-fiosrachaidh no a’ sgrìobhadh brath-naidheachd.

Bidh thusa os cionn ar seirbhis-thiocaidean, ar làraichean-lìn agus ar meadhnan-sòisealta agus b’ fheudar dhut an cumail a’ dol gu siùbhlach agus fiosrachadh a chruinneachadh bhuapa. Bidh agad ri agallamhan a dhèanamh tric le na meadhnan Gàidhlig agus Beurla agus bidh thusa os cionn ar dàimhean ri na meadhanan cuide ri bhith ag obair còmhla-ri buidhnean dàimh-phoblach (PR) nuair a tha sin iomchaidh.

’S e an rud as cudromaiche gum bi thu ag obair air feadh sgioba An Lanntair- le buidheann na Gàidhlig, buidheann nan ealain lèirsinneach, buidhean foghlaim, buidheann an ionmhais, an taigh-deilbh, an taigh-bìdh agus am bùth. B’ fheudar dhut modal-gnothaich gach bhuidheann a thuigsinn, agus innleachdan margaidheachd a chur air bhonn a bhios a’ cuideachadh gach buidheann le leasachadh an èisteachd/margaidhean. Bidh agad ri gach bhuidheann san Lanntair a chuideachadh gus na sgilean margaidheachd aca a leasachadh. Bidh thu cuideachd ag obair mar aon de na prìomh-bhuill air sgioba-stiùiridh An Lanntair, fo smachd dhìreach Àrd-oifigear An Lanntair, agus a’ bhùird.

Bidh an dreuchd seo freagarrach do neach-margaidheachd proifeiseanta a tha deònach obair a choileanadh ro chinn-latha teann, doirbh, agus do chuideigin a tha comasach an cuid obrach a chur ann an òrdugh prìomhachais agus a tha calma nuair a tha ìmpidh orra.

Bidh an dreuchd seo a’ toirt cothrom air leth do chuideigin a tha ag iarraidh an comasan mar stiùiriche agus neach-margaidheachd proifeiseanta a leasachadh ann am buidheann ealain cruthachail. Bheir An Lanntair trèanadh is leasachadh don neach, ann an àrainneachd bhlàth, chruthachail. Bidh cothrom aig an neach a dhol an sàs le prògram ealain agus luchd-ealain, measgachadh de thachartasan agus taisbeanaidhean agus gheibh iad an cothrom modhan-obrach ùra fheuchainn is a chur air bhonn. ’S e buidheann ioma-dhòigheach a th’ ann, làn dhaoine a tha proifeiseanta, cruthachail is tha buadhan sònraichte aig gach duine sa bhuidheann. Bidh sinn a’ brosnachadh modhan-obrach ùra agus a’ cur fàilte air daoine le beachdan ùra air mar a thèid leasachadh a dhèanamh air na dòighean-obrach is na siostaman againn.

Ma tha ùidh agaibh, no ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu Elly Fletcher, Àrd-oifigear An Lanntair air an àireamh gu h-ìosal.

Cur a-steach

https://lanntair.com/about-us/work-with-us/

Elly Fletcher, Àrd-oifigear
An Lanntair, Sràid Choinnich, Steòrnabhagh, HS1 2DS
This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

Ma tha ceistean sam bith agaibh mus cuir sibh a-steach airson an dreuchd, cuiribh fios gu:

Elly Fletcher, Àrd-oifigear air 01851 708480 or This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

Feumaidh iarrtasan a bhith againn ro/air Diluain 5mh An Dàmhair 2020 aig 9m

Ceannard Margaidheachd tuairisgeul obrach

**************************************

Job Title: Head of Marketing

Accountable to: Chief Executive, An Lanntair
Hours of work: Three days/week (21 hours)
Rate of pay: £26,142 pro rata three days/week
Base: An Lanntair, Stornoway
Contract: Permanent

Introduction

This is a superb opportunity for a creative, motivated and hard-working marketing professional, with proven marketing and communications skills and experience, to join our dynamic arts centre team as the Head of Marketing.

About An Lanntair

An Lanntair is a multi arts venue – at one and the same time a contemporary art gallery, a theatre, a cinema, a concert hall, a platform for poetry and literature, a studio – every space is stretched to showcase the arts in multiple forms. Encompassing it all, we pride ourselves in presenting an inspirational programme of excellence that engages and illuminates its audiences.

Our work stretches across a national and indeed international platform, yet our distinctiveness lies in being ‘of the place’, rooted in who we are, and the creativity of Gaelic and the Outer Hebrides takes centre stage. Our facility includes a 220 seat auditorium, gallery space, office space, shop, bar and restaurant facilities. The building was one of the largest ever arts developments in the Highlands and Islands and is of key strategic importance nationally for the arts and culture of the Outer Hebrides.

Find out more about our work at our website here: http://lanntair.com/

About this role

An Lanntair’s Head of Marketing role sits at the very heart of what we do here at our arts centre in Stornoway on the Isle of Lewis. It is a crucial role for the successful operation of our centre, and one that would suit a creative individual with demonstrable marketing experience, a deep understanding of the Gaelic language and culture, a strong appreciation for the arts and, importantly, excellent interpersonal and administrative skills.

A day in the life of An Lanntair’s Head of Marketing is difficult to put into words. Each day is so different from the next. You might be leading a research programme with Gaelic artists and audiences to inform our audience development strategy one day, working with designers on our seasonal brochure and writing and issuing press releases the next.

You will be responsible for the successful operation and management of our ticketing services and online platforms, our website, our social media and for collating data across our work. You will give interviews to the Gaelic and English media on a regular basis and manage our relationships with the press, occasionally also working with external PR agencies where special projects require this.

Most importantly, you will work across the An Lanntair team, from our Gaelic team, to visual arts to performing arts, education to film, café bar to shop, administration to finance. You will need to understand the business model for each, and work on developing and implementing marketing and audience development strategies across the organisation. You will have an important role to play in supporting and nurturing the marketing skills development of staff across An Lanntair’s departments. You will also play a key part in the management team of the whole organisation, reporting directly to the Chief Executive and sometimes also the board.

The role would suit a marketing professional who is not fazed by working to tight, sometimes very demanding, deadlines, someone who can prioritise their workload effectively and keep a cool head under pressure.

In return, the role will offer an excellent opportunity for someone looking to grow and develop their career as a manager and marketing professional in a creative arts organisation. An Lanntair will offer training and development and a creative, supportive, friendly working environment. There will also be plenty of opportunities to get up close with the An Lanntair programme and artists, to experience new and diverse events and exhibitions, and to test and trial new ways of working. We are a diverse and interesting team of creative professionals, each bringing something new and different to the team – we celebrate and very much encourage contemporary, innovative approaches to marketing and communications, taking measured risks and being open to change and development of our systems and ways of working.

If this sounds interesting, please feel free to contact Elly Fletcher, CEO, to discuss and ask any questions that you might have on the number below.

******

Please visit https://lanntair.com/about-us/work-with-us/ for further details and the job description/person specification, and then apply to This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it. with a detailed letter of application, setting out the ways in which you meet the essential and desirable criteria in the person specification, and your Curriculum Vitae.

Elly Fletcher, CEO
An Lanntair, Kenneth Street, Stornoway, HS1 2DS

Should any applicant wish to ask any questions or discuss anything prior to submitting their application, please feel free to contact Elly Fletcher, Chief Executive on 01851 708480 or This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

The deadline for applications is Monday 5th October 2020 at 9am.