Chaidh Vicki Nairn ainmeachadh mar iar-phrionnsapal obrachaidhean aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus bidh i a' stiùireadh dealbhadh, leasachadh agus lìbhrigeadh air seirbheisean proifeasanta an oilthighe, a bheir taic do gach cuid raointean acadaimigeach agus corporra, agus riaghladh phrògraman atharrachaidh ro-innleachdail.

Bidh Vicki Nairn a' tighinn bho Oilthigh Robert Gordon far a bheil i an-dràsta na h-iar-phrionnsapal obraichean corporra a' stiùireadh leasachadh, lìbhrigeadh agus buileachadh ro-innleachdan corporra, ionmhasail, malairteach agus ghoireasan.

Bha an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair, air leth toilichte an dàrna iar-phrionnsapal seo a chur an dreuchd don àrd sgioba gnìomha aige: "Tha e na urram, mar iar-sheansalair, fàilte a chuir air dàrna iar-phrionnsapal ùr don àrd-sgioba againn rè cùrsa dìreach aon seachdain.

"Tha eòlas mòr aig Vicki Nairn san dreuchd ùr seo. Tha eòlas math aice air a' chom-pàirteachas agus an raon obrachaidh againn, an dèidh a bhith na ball neo-eisimeileach de chùirt an oilthighe agus an dèidh 11 bliadhna a chaitheamh mar bhall den sgioba ceannardas aig Comhairle na Gàidhealtachd. Chaidh Vicki fhastadh cuideachd le Riaghaltas na h-Alba gu bòrd Foghlam SNS na h-Alba, a bhios a' dealbhadh agus a' lìbhrigeadh foghlam agus trèanadh don NHS againn. Tha i na stiùiriche eòlach air an roinn phoblaich, a' lìbhrigeadh bhuilean ùr-ghnàthach agus soirbheachail ann am buidhnean mòra iom-fhillte.

"Bidh i ag obair leis a' chòrr den àrd-sgioba againn gus ar feallsanachd ‘daring to be different' a stiùireadh, ar lùth a chleachdadh agus àrd-amasan ùra a stèidheachadh gus luachan de sheirbheis phoblach, treibhdhireas agus dealas a thoirt gu cumhachd chruth-atharrachail foghlaim.

Tha Vicki Nairn a' fuireach anns an Eilean Dubh agus a' coimhead air adhart ri tòiseachadh sa bhliadhna ùr: "Tha e na urram dhomh gun deach mo thaghadh airson a dhol dhan oilthigh agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith ag obair le co-obraichean air feadh com-pàirteachas an oilthighe gus am plana ro-innleachdail ùr ‘Daring to be different' a lìbhrigeadh.

"Tha mi air a bhith a' fuireach agus ag obair air feadh ceann a tuath na h-Alba airson grunn bhliadhnaichean. Mar sin, tha mi air leth toilichte an cothrom fhaighinn a bhith ag obair le co-obraichean, com-pàirtichean, luchd-ùidhe, gnìomhachas agus coimhearsnachdan ùra gus feum a dhèanamh de na comasan iongantach agus cruth-atharrachail a tha againn san sgìre againn.

Tòisichidh Vicki Nairn san dreuchd aice sa Ghearran 2022.

Chaidh an Dr Jen Vanderhoven ainmeachadh mar iar-phrionnsapal com-pàirteachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bidh an Dr Vanderhoven a' stiùireadh amas ro-innleachdail an oilthighe gu bhith a' conaltradh ris na coimhearsnachdan againn agus a' strì airson buannachd dha chèile.

Bidh an Dr Vanderhoven a' tighinn bho Oilthigh Teesside far a bheil i an-dràsta na Stiùiriche air Ionad Horizons Nàiseanta a' stiùireadh a leasachadh mar ionad de shàr-mhathas nàiseanta do roinn nan saidheansan beatha, a' riochdachadh an ionaid gu nàiseanta agus air feadh na cruinne.

Chuir an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair, fàilte air an eòlas chudromach a bheir i don dreuchd ùr seo: "Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air an Dr Vanderhoven chun an àrd-sgioba ùr againn agus chun a' chom-pàirteachais treas-ìre againn. Tha eachdraidh chudromach aice ann a bhith a' coileanadh agus a' stiùireadh leasachadh ro-innleachdail agus amasan obrachaidh taobh a-staigh àrainneachdan malairteach agus acadaimigeach mòra agus iom-fhillte.

"Bidh i ag obair leis a' chòrr den àrd-sgioba againn gus ar feallsanachd dùraigeadh a bhith diofraichte' a stiùireadh, ar lùth a chleachdadh agus àrd-amasan ùra a stèidheachadh nar com-pàirteachadh - aon do bheil ar com-pàirteachas air ullachadh gu math. "

An-dràsta stèidhichte ann an Siorrachd Iorc a Tuath, tha an Dr Vanderhoven a' coimhead air adhart ri bhith a' gluasad gu tuath: "Tha e na thoileachas agus na urram dhomh a bhith a' tighinn gu Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean gus an com-pàirteachadh le coimhearsnachdan luchd-ùidh an oilthighe a stiùireadh. Bha mi air mo bhrosnachadh gu bhith a' leughadh plana ro-innleachdail an oilthighe ‘dùraigeadh a bhith diofraichte', agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith nam phrìomh phàirt den turas aige gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt air na tha san amharc don roinn, don eaconamaidh, do na daoine agus do na coimhearsnachdan. "

Tòisichidh an Dr Vanderhoven san dreuchd aice san Fhaoilleach 2022.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' cur air bhog co-chomhairleachadh ùr gus beachdan fhaotainn mun cheathramh Plana Gàidhlig aca..

Tha am plana seo a' mìneachadh molaidhean an oilthighe gu leantainn air adhart a' togail inbhe na Gàidhlig agus ag ath-aithris ar dealais a thaobh suidheachadh na Gàidhlig tarsainn a' chom-pàirteachais a neartachadh ann an co-rèir ri rùintean agus cinn-uidhe a tha air an gabhail a-steach ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Bidh sia seachdainean aig a' phoball gus an dùin an co-chomhairleachadh air 24 Dùbhlachd, airson am beachdan a roinn air a' phlana a tha molta.

B' e an t-oilthigh a' chiad ionad foghlaim àrd-ìre ann an Alba a leasaich Plana Gàidhlig ann an 2010, agus measail air togail air coileanaidhean nam planaichean roimhe le bhith a' meudachadh conaltradh leis na coimhearsnachdan, agus fiosrachadh air ais iarraidh.  

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthighe: "Tha a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba. Mar an aon oilthigh stèidhichte air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, tha sinn dealasach a thaobh inbhe na Gàidhlig a neartachadh agus a cleachdadh a bhrosnachadh tro na cothroman ionnsachaidh a tha sinn a' tabhann.

"Tha mi moiteil às na choilean sinn gu ruige seo, a chunnaic meudachadh ann am faicsinneachd agus so-chluinntinn na Gàidhlig anns na seirbheisean againn do dh'oileanaich, luchd-obrach agus don mhòr-shluagh, agus aig an aon àm a' cruthachadh chothroman airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus ionnsachadh na Gàidhlig ann am farsaingeachd. Tha sinn an dòchas gun tog am plana ùr seo air na coileanaidhean sin agus gun seall e dealas leantainneach an oilthighe a thaobh leasachadh agus neartachadh na Gàidhlig.

"Tha co-chomhairleachadh na phàirt chudromach den phròiseas, agus mar sin bhithinn a' brosnachadh duine sam bith le ùidh sa phlana na beachdan aca a thoirt seachad."

Faodar an dreachd plana fhaicinn aig www.uhi.ac.uk/en/about-uhi/facts-and-figures/publications/draft-gaelic-plan

Cuiridh sinn fàilte air fiosrachadh air ais gu 24 Dùbhlachd 2021.