Tha na h-oileanaich agus an òraidichean air taisbeanadh de dh’obair nan oileanach ullachadh san uinneig agus air sealltainn cuid den obair-deilbh a chaidh a dhèanamh gu h-ealanta leis na h-oileanaich mar phàirt den HND. 

Thar nan trì bliadhna a chaidh seachad tha Roinn an Fhasain aig LCC air a thighinn air adhart gu bhith a’ gabhail a-steach ìrean ionnsachaidh de ìrean NC & HNC/HND do raon farsaing de dh’oileanaich ann an dòigh sònraichte agus brosnachail.  

Tha an cùrsa ìre NC a’ cuimseachadh air a bhith ag ionnsachadh bunaitean practaigeach de Fhasan, Deilbh, Gearradh Phàtran, modhan-obrach fuaigheal gnìomhachail & dealbhach, agus anailis de ghnìomhachas an fhasain agus an cothrom cùrsa NPA sa Chlò Hearach a dhèanamh.  Tha na Cùrsaichean HN a’ toirt cothrom do dh’oileanaich chan e a-mhàin togail air na sgilean a dh’ionnsaich iad san NC ach tha e cuideachd ag ionnsachadh sgilean speisealta ann an Corsaidean, Aodach Bainnse agus Adaireachd. 

Thuirt Netty Sopata, Ceannard a’ Chùrsa Fasain aig LCC UHI, “Is e cothrom ann an deagh àm a tha seo agus suidheachadh air leth math airson ar n-oileanaich a bhith a’ sealltainn beagan den obair aca aig deireadh na bliadhna.  Tha bliadhna dhùbhlanach air a bhith aig a h-uile duine, ach tha iad seo air cumail orra a’ cuimseachadh agus ag obair air leth cruaidh, ann an suidheachaidhean dùbhlanach gus an cùrsa foghlaim a chrìochnachadh gu àrd ìre.  Mòran taing dha-rìribh do Sarah aig Lewis Revivals airson an cothrom seo a thoirt dha na h-oileanaich.  Ma tha ùidh aig neach ann a bhith a’ dèanamh cùrsa fasain, thèid a dh’fhaicinn an taisbeanaidh; bheir e beachd dhut air na slighean eadar-dhealaichte a tha na h-oileanaich air a ghabhail gus an ìre de dh’obair-ceàirde a ruighinn a tha air a thaisbeanadh agus ma tha ùidh aig neach sam bith iarrtas a chur a-steach airson an 21/22 NC no an HNC cuir post-dealain thugam le ceistean sam bith. 

Thuirt an t-oileanach Jackie Keddie, “Tha mi air a bhith a’ fuaigheal airson iomadh bliadhna ach an uair a bha mi sa cholaiste dh’ionnsaich mi an t-uabhas;  Tha mi air barrachd sgilean agus misneachd fhaighinn agus fhuair mi an cothrom obrachadh le oidean aig a bheil mòr-eòlas air gnìomhachas an fhasain agus dealbhachadh fasain”.

Thuirt an t-oileanach Breagha Halbert, “Mus do thòisich mi air a’ chùrsa, bha mi dìreach air an àrd-sgoil fhàgail.  Tha mi air a bhith a’ dèanamh a’ chùrsa Fasain aig Colaisde a’ Chaisteil, UHI airson dà bhliadhna a-nis.  Tha mi air an HNC fhaighinn agus cha mhòr nach eil mi air an HND a chrìochnachadh.  Tha e air a bhith iongantach a bhith ag ionnsachadh a bhith a’ dèanamh an obair-deilbh agam fhèin agus a’ gabhail pàirt ann an nithean sa bheil ùidh agam  Ma leanas an cùrsa seo air adhart gu ìre ceum gu cinnteach bidh mi ga dhèanamh!”

Is e bùth neo-eisimeileach ann an Steòrnabhagh a tha ann an Lewis Revival le dòigh-beatha le cuimse sheasmhach a tha a’ gabhail a-steach cruinneachadh a chaidh a tharraing ri chèile de nithean ùra agus aosta airson an taigh, cho math ri seann aodach air a dhèanamh de Chlò Hearach.  Mar bhùth a tha gu h-oifigeil a’ reic Peanta Àrnais Frenchic® agus le làn raon de dh’ulaidh Malairt Chothromach agus cuid a chaidh a dhèanamh gu h-ionadail, tha an gnothachas ag amas a bhith ag àrdachadh roghainnean luchd-cleachdaidh tro ath-chleachdadh, ath-chuairteachadh, agus tro thaic luchd-ciùird ionadail agus an gluasad cruinneil de Mhalairt Chothromach.

Tha an gnothachas a’ mealtainn co-obrachadh le Empty House Traders, aig a bheil aodach agus tiodhlacan Malairt Chothromach, seann aodach, cruinneachadh de sheann chlàran agus leabhraichean, agus gaileiridh margaidh ionadail a tha a’ toirt àite chom-pàirteachail sa bhaile do luchd-ealain agus luchd-ciùird gus an obair a shealltainn agus a reic.