Tha Pròiseact Breug-fhìorachd Àrc-eòlas Uibhist toilichte an app ùr ‘Ulaidhean Uibhist’ a chur air bhog.  Tha am pròiseact seo, le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar, air a chruthachadh agus air a stiùireadh le arc-eòlaichean Colaisde a’ Chaisteil.  Is e amas a’ phròiseict cothrom a thoirt do choimhearsnachdan agus luchd-tadhail an app a chleachdadh gus seachd làraichean cudromach ann an Uibhist a rannsachadh.

Gheibhear ceudan de làraichean arc-eòlach iongantach ann an Uibhist, eadar uaighean bho Nuadh Linn na Cloiche gu aon de na làraichean malairt Lochlannach as motha ann an Alba.  Tha Colaisde a’ Chaisteil a’ tabhann chùrsaichean bho ìre inntrigidh gu ìre for-cheum, a’ toirt cothrom mìorbhaileach do dh’oileanaich na làraichean seo, a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, a sgrùdadh ann an àrainneachd bhrèagha fo stiùir eòlaichean air leth.

Tha an app innleachdail seo, a’ chiad tè de seòrsa, a’ cleachdadh mhodalan de làraichean arc-eòlach bho air feadh Slighe Innse Gall ann an Uibhist.  Tòiseachaidh an app nuair a ruigear gach làrach, a’ toirt cothrom do luchd-cleachdaidh an làrach a sgrùdadh an dèidh sgan a dhèanamh air còd QR.

Is e Cladh Hàlainn ann an UIbhist a Deas, làrach bho Linn an Umha, a’ chiad làrach a bhios ri fhaotainn air an app.  Cuide ri dealbhan iongantach a tha a’ sealltainn cò ris a bhiodh an làrach coltach bho chionn 3,500 bliadhna, tha modalan 3D de ghnothaichean, dealbhan beothachaidh, fuaim agus susbaint dà-chananach.  Chaidh an app agus na modalan a chruthachadh le Peel Interactive, a tha gu mòr an sàs ann an cruthachadh eòlasan bogaidh didseatach do roinn an dualchais agus turasachd.

Tha Emily Gal, Co-òrdanaiche a’ Phròiseict ag ràdh: “Tha sinn uabhasach toilichte an app againn a chur air bhog, agus tha sinn moiteil gun robh a’ choimhearsnachd an sàs ann a bhith ga leasachadh.  Chaidh an bhidio sanasachd a chruthachadh le UistFilm, le ceòl le oileanaich chiùil Colaisde a’ Chaisteil UHI.  Dh’fheuch iomadh buidheann coimhearsnachd an app, sgoilearan Sgoil Bhaile a’ Mhanaich agus Sgoil Lionacleit nam measg, agus chaidh an tionndadh Gàidhlig a dhèanamh le Ceòlas Uibhist.”

Fhuair am pròiseact £271,000 à program maoineachaidh ùr ann an Alba a tha luach £5 millean.  Bidh am program seo a’ maoineachadh phròiseactan air a’ Ghàidhealtachd sna h-Eileanan a tha ag amas air cothroman aig àrd ìre càileachd a thoirt do luchd-turais a thaobh nàdar agus dulchas cultarach.  Tha rianachd Maoin Dualchais Nàdarra agus Chultarail air a ghabhail os làimh le NàdarAlba, agus tha e air maoineachadh ann am pàirt le Maoin Leasachadh Dùthchail na h-Eòrpa (ERDF).  Fhuair am pròiseact taic airgid bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, Comhairle nan Eilean Siar, Maoin Oighreachd a’ Chrùin agus Stòras Uibhist.

Chithear an bhidio sanasachd an seo. Gus an app a luchdachadh a-nuas saor is an asgaidh, lorgaibh ‘Ulaidhean Uibhist’ air-loidhne.

Thuit Eileen Stiùbhairt: Leas-stiùiriche Nàdar & Atharrachadh Ghnàth-shìde, NàdarAlba:

“Is e deagh naidheachd a th’ ann gun urrainn dhuinn taic a thoirt don phròiseact iongantach seo tron Mhaoin Dualchais Nàdarra agus Chultarail againn.  Tha an app seo a’ toirt sealladh air làraichean luachmhor air Slighe nan Innse Gall agus a’ toirt cothrom do luchd-tadhail barrachd ionnsachadh mun àrainneachd agus mun chultar air leth sna h-eileanan.”

Thuirt Comhairliche Dòmhnall Crichton, Neach-cathrach Comataidh Leasachadh Seasmhach:

“Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte taic a thoirt do Phròiseact Breug-fhìorachd Àrc-eòlas Uibhist.  Tha am pròiseact adhartach san dòigh anns a bheil teicneòlas air a chleachdadh gus sealladh a thoirt dhuinn air an àm a dh’fhalbh.  Tha na h-eòlasan ioma-mheadhanach a chaidh leasachadh leis a’ Phròiseact a’ cruthachadh chothroman ùra do luchd-turais ann an Uibhist, agus cuideachd do mhuinntir an àite fhèin, coimhead air ais ann an eachdraidh.  Tha mi air leth toilichte gu bheil am pròiseact a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine ulaidhean arc-eòlach nan Eilean fhaicinn.”